[traditional] - Eilean Fraoich Songtext
Eilean fraoich Eilean fraoich Eilean fraoich nam beann àrd Far an d'fhuair mi m' àrach òg
Eilean Leòdhais mo ghràidh
Chaidh mi tarsuinn air a' chuan
'S chaidh mi suas abhainn sàil
An Quebec chaidh mi air tìr
'S thug mi sgrìob feadh an àit
'S ged a bheirte dhomh an tìr
Eadar chraobhan is bàrr
B'fhearr leam a bhi measg an fhraoich
Ann an Tìr nam Beann Àrd
Thug mi greis de làithean m' òig
Air a' mhòintich nam phàisd
'S mi ri tional nan laogh òg
Is nam bò aig an tràth
Far an faca mi an òigh
Thuit mi òg anns a' ghràdh
'S ann a chionn nach eil i beò
Tha mi seòladh air sàl
Falsches Video?
Dieses Video ist aktuell für den Songtext hinterlegt:
https://www.youtube.com/watch?v=Cv3zBVBpKOc
Falsch? Dann Trage hier den Link für das richtige Video von YouTube ein.

Was denkst du über "Eilean Fraoich"?
Hi deine-songtexte.com administrator, Your posts are always insightful and valuable.