[traditional] - Leis an Lurgainn Songtext
Sèist
Leis an lurgainn o hì
Leis an lurgainn o hò
Beul an anmoich o hì
'S fheudar falbh le cuid seòl An Cuan Eirinn o hì
Muir ag èirigh o hò
'S cha bu lèir dhuinn o hì
Nì fon ghrèin ach na neòil Seachad Ile o hì
Beul na h-oidhche o hò
Las sinn coinlean o hì
'S chuir sinn combaist air dòigh
Seachad Aros o hì
Bha i gàbhaidh o hò
'N fhairge làidir o hì
Suas gu barr a' chroinn-sgòid
Thuirt an sgiobair o hì
Ri chuid ghillean o hò
"Glacaibh misneachd o hì
'S dèanamh dìchioll a sheòid"
Suas a h-aodach o hì
Ri croinn chaola o hò
Snàmh cho aotrom o hì
Ris an fhaoilinn air lòn
Fhuair sinn fosgladh o hì
Ma ceann toisich o hò
Fear ga taomadh o hì
'S gillean coltach air bòrd
Falsches Video?
Dieses Video ist aktuell für den Songtext hinterlegt:
https://www.youtube.com/watch?v=IWqOY_C9qP4
Falsch? Dann Trage hier den Link für das richtige Video von YouTube ein.

Was denkst du über "Leis an Lurgainn"?