[traditional] - Mo rùn geal dìleas Songtext
Sèist
Mo rùn geal dìleas, dìleas, dìleas
Mo rùn geal dìleas nach till thu nall
Cha till mi fhèin riut, a ghaoi chan fhaod mi
'S ann tha mi ghaoil 'na mo laighe tinn. Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn
Is bheirinn sgrìobag do'n eilean Ileach
Far bheil an rìbhinn dh'fhàg m'inntinn trom. Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte
Gun dùil rium oidhche gu'm bithinn beò
B'e fàth mo smaointean a là 's a dh'oidhche
Gum faighinn faochadh is tu bhi 'm chòir.
Cha bhi mi strì ris a' chraoibh nach lùb leam
Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach gèig
Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m'fhàgail
Cha d'thàinig tràigh gun muir-làn na dèidh.
Falsches Video?
Dieses Video ist aktuell für den Songtext hinterlegt:
https://www.youtube.com/watch?v=0NnQK5cl_M8
Falsch? Dann Trage hier den Link für das richtige Video von YouTube ein.

Was denkst du über "Mo rùn geal dìleas"?