[traditional]

O teannaibh dlùth 'us togaibh fonn Songtext / Lyric


[traditional] - O teannaibh dlùth 'us togaibh fonn Songtext


O teannaibh dlùth is togaibh fonn
Mo chridhe trom air m' aineol
'S mi fad o eilean an damh donn
'S bho thìr nan gleann 's nan gallan O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh
A dh' ionnsaigh Muile nam beann fuar
O eilean uaine a' bharraich Och a Rìgh nach mi bha thall
An tìr nan gleann 's nam bealach
Tìr nan craobh suid tìr mo ghaoil
Nan lagan fraoich is rainnaich

O suid na glinn 's am faighte aoidh
'S na roinn chum taobh na mara
Tha luchd mo ghaoil-s' an diugh ma sgaoil
'S an t-àit fo chaoraich Shasuinn

Gur truagh a' Ghàidhlig bhi 'na càs
O 'n dh' fhalbh na Gàidheil a bh' againn
A ghineil òig tha tighinn 'n an àit'
O togaibh ard a bratach

Dieser Songtext wurde von www.Deine-Songtexte.com heruntergeladen :)

"O teannaibh dlùth 'us togaibh fonn" Video ansehen

Was denkst du über "O teannaibh dlùth 'us togaibh fonn"?