[traditional]

Thig am bata / A bhean eudaich Songtext / Lyric


[traditional] - Thig am bata / A bhean eudaich Songtext


Thig am bàta, hùg-o
Moch a-màireach, hùg-o
Bidh m'athair innte, hao ri horo
'S mo thriùir bhràithrean, hùg-o 'S mo chèile donn, hùg-o
Air ràmh bràghad, hùg-o
'S gheibh iad mise, hao ri horo
Air mo bhàthadh, hùg-o 'S togaidh iad mi, hùg-o
Air na ràmhan, hùg-o
'S mo bhreacan donn, hao ri horo
Snàmh na fairge, hùg-o

'S mo chuailean donn, hùg-o
Measg nan carrichean, hùg-o
'S mo bhràist airgid, hao ri horo
Measg na gainmhich, hùg-o

Cha b'e 'n t-acras, hùg-o
Chuir do 'n tràigh mi, hùg-o
Ach miann an duilisg, hao ri horo
Miann nam beàrnach, hùg-o

Fhir ud thall, hùg-o
Falbh na tràghad, hùg-o
Soraidh bhuam-sa, hao ri horo
Gu mo mhàthair, hùg-o

Thoir soraidh bhuam, hùg-o
Gu mo phàisdean, hùg-o
Fear ac' bhliadhna, hao ri horo
nach eil làidir, hùg-o

Iarraidh e nochd, hùg-o
Cìoch a mhàthar, hùg-o
Ma dh'iarr chan fhaigh e, hao ri horo
Ach sùgan sàile, hùg-o

A bhean eudaich, hùg-o
O mo nàir' ort, hùg-o
Dh'fhàg thu mise, hao ri horo
'S an sgeir, hùg-o

Dieser Songtext wurde von www.Deine-Songtexte.com heruntergeladen :)

"Thig am bata / A bhean eudaich" Video ansehen

Was denkst du über "Thig am bata / A bhean eudaich"?