[traditional]

Toirt m' aghaidh ri Diùra Songtext / Lyric


[traditional] - Toirt m' aghaidh ri Diùra Songtext


Sèist
O hùiribh i hùiribh
O hùiribh o gheallaidh
Bheir mi ho na ho eile
'S e bhi rèidh riut bu mhaith leam 'Toirt m' aghaidh ri Diùra
'S mo chùl ri Port-Ascaig
Shil gu frasach mo shùilean
's gun mo dhùil ri tigh'nn dhachaidh Nuair a chur iad air bòrd thu
air long-mhòr nan tri-chrannaibh
'S iomadh tè bha gu tùrsach
's deòir a' sruthadh gu talamh

Cha chreidinn o chàch e
gun robh thu fàgail a' bhaile
gus an robh na siùil bhàna
gan càradh ri crannaibh

Bu tu leannan nan gruagach
'S tu uasal a's maiseach
Gruaidhean meachair mar mhaighdean
Sùil an t-saighdear fo d' mhalaidh

Gaol peathar gaol bràthair
Gaol màthair a's athar
An gaol a thug mi cha trèig mi
gus an tèid mi 's an anart

Dieser Songtext wurde von www.Deine-Songtexte.com heruntergeladen :)

"Toirt m' aghaidh ri Diùra" Video ansehen

Was denkst du über "Toirt m' aghaidh ri Diùra"?